90 likes | 305 Views
Dubh a’ Ghiuthais. Sgeul bho bheul-aithris. Bho chionn fhada, bha Alba comhdaichte le craobhan. Chunnaic Rìgh Lochlainn seo agus bha e dubh bhrònach. Bha e airson cur às dhan choille bhrèagha seo bhon nach robh coille mar sin ann an Lochlann.
E N D
Dubh a’ Ghiuthais Sgeul bho bheul-aithris
Bho chionn fhada, bha Alba comhdaichte le craobhan. Chunnaic Rìgh Lochlainn seo agus bha e dubh bhrònach. Bha e airson cur às dhan choille bhrèagha seo bhon nach robh coille mar sin ann an Lochlann.
Thàinig an nighean aige. “Carson a tha sibh cho tùrsach?” dh’fhaighnich i. “Ma gheibh sibh bana-bhuidseach a chuireas mi ann an cruth eòin, cuiridh mi as dhan choille” dh’innis I dha h-athair. Fhuair iad bana-bhuidseach is chaidh a’ bhana-phrionnsa na h-eun geal. Rinn I air Alba.
Thòisich i tighinn a-nuas ann an Alba agus far na laigh i, chuir i na craobhan nan smal. Leis an teine is an ceò, dh’fhàs an t-eun na eun grannda dubh. Dh’fhàs na daoine searbh den mhodh aice.
Bha muinntir an àite airson stad a chur oirre ach bha seo doirbh. Fhuair iad a-mach ge-ta gun robh cridhe bhlath aice is gun robh i uabhasach deidheil air is curamach do bheathaichean. An uairsin, thainig innleachd a-steach air cuideigin.
Dhealaich iad na beathaichean òga bho na mathraichean – na laoigh bho na bà, na searraich bho na h-eich, na minn bho na gobhraichean, na cuileanan bho na coin, na h-uirceannan bho na muic, na h-uain bho na caoraich, na h-iseanan bho na cearcan is na piseagan bho na cait. Chuir iad na mathraichean ann an aon ghàrradh agus an t-àl ann am fear eile.
Dh’èirich fuaim truagh – sitrich, geumnaich is ranail tiamhaidh. Chuala Dubh a’ Ghiuthais am fuaim uabhasach seo – fuaim bu tiamhaidh a chuala cluas a-riamh. Thàinig i a-nuas is làigh i air an talamh ri an taobh. Cho luath sa bha I sìos, chuir fear saighead na crìdhe.
Nuair a lorg muinntir an aite a corp, cha b’e eun dubh a bh’ann ach bana-phrionnsa bhrèagha. Chuala an rìgh mar a thachair is chuir e bìrlinn mòr le sgioba calma a dh’Alba airson a’ chuirp a thoirt dhachaigh a Lochlann. Dh’fheuch iad trì tursan ach gach turas, chuir stoirm mhòr stad orra. Mar sin dheth, chaidh Dubh a’ Ghiùthais a thiodhlacadh ann an Alba agus tha àite faisg air Ulapul far a bheil an t-uaigh aice.