1 / 6

Bàrdachd Ghàidhlig le Màiri Nic a’ Phearsain

Bàrdachd Ghàidhlig le Màiri Nic a’ Phearsain. R ugadh Màiri NicDhòmhnaill (Màiri Nighean Iain Bhàin) ann an Sgèabost san Eilean Sgiathanach ann an 1821. B' ann à Uig ann an Sgìre Thròtarnais a bha a màthair.

blenda
Download Presentation

Bàrdachd Ghàidhlig le Màiri Nic a’ Phearsain

An Image/Link below is provided (as is) to download presentation Download Policy: Content on the Website is provided to you AS IS for your information and personal use and may not be sold / licensed / shared on other websites without getting consent from its author. Content is provided to you AS IS for your information and personal use only. Download presentation by click this link. While downloading, if for some reason you are not able to download a presentation, the publisher may have deleted the file from their server. During download, if you can't get a presentation, the file might be deleted by the publisher.

E N D

Presentation Transcript


  1. Bàrdachd Ghàidhlig le Màiri Nic a’ Phearsain

  2. Rugadh Màiri NicDhòmhnaill (Màiri Nighean Iain Bhàin) ann an Sgèabost san Eilean Sgiathanach ann an 1821. B' ann à Uig ann an Sgìre Thròtarnais a bha a màthair. Ann an 1848, phòs i Isaac Mac a' Phearsain à Inbhir Nis. B' e greusaiche a bh' ann agus rinn iad an dachaigh ann an Inbhir Nis. Chaochail Isaac ann an 1871 's chaidh a fàgail le sianar chloinne. B' fheudar dhi a dhol a-mach an ceann a cosnaidh agus fhuair i obair mar bhanaltram. Màiri Nic a’ Phearsain 1821–1898

  3. B' ann fhad 's a bha i ris an dreuchd seo a dh'fhulaing i an tàmailt "a thug mo bhàrdachd beò". Bha i a' frithealadh tè às a' bhaile agus chaidh aodach an tè seo a ghoid a-mach às an taigh an dèidh don bhoireannach bàsachadh. Chaidh a chur air Màiri gur i a ghoid an t-aodach. Chaidh a dìteadh sa chùirt agus a cur don phrìosan fad dà fhichead là. Bha mòran dhaoine ainmeil ann an Inbhir Nis air a taobh 's an uair a chaidh rannsachadh a dhèanamh 's a dh'aidich searbhant eile gur ise a ghoid an t-aodach, fhuair Màiri ma sgaoil.

  4. Goirid an dèidh sin chaidh i gu ruige Glaschu, 's thug i a-mach teisteanas mar bhanaltram, agus fhuair i teisteanas mar bhean-glùine cuideachd. Ann an 1876, chaidh i gu Grianaig far an robh i na bean-altram-àrainn ach bhiodh i a' tilleadh gu Glaschu airson cèilidhean mòra nan Sgiathanach. Bhiodh i a' dol dhachaigh dhan Eilean Sgiathanach gu math tric 's a' fuireach còmhla ri caraid a bha a' fuireach ann an Os. Thill i dhachaigh a dh'fhuireach ann an 1882, 's bha i a' fuireach ann an Os gus an d' fhuair i bothan beag ann an Sgèabost.

  5. Nuair bha mi òg

  6. Tuilleadh fiosrachaidh: Ainmeil an Eachdraidh. Gairm Publications. 1997 An Introduction to Gaelic Poetry by Derick Thomson. Edinburgh. 1990Màiri Mhòr nan Oran by D.E. Meek. Gairm Publications. 1977Màiri Mhòr nan Oran le S. MacLean. Calgacus, 1, 1974Ris a' Bhruthaich le S. MacLean.Acair Earranta. 1985The Companion to Gaelic Scotland. Gairm Publications. 1994The Poetry of Scotland. Gaelic, Scots and English. Edinburgh. 1995 CD & teip air a bheil an t-òran ‘Nuair Bha Mi Òg': 'Catherine-Ann MacPhee sings Màiri Mhòr' (Greentrax Recordings 1994 CDTRAX 070)

More Related